Chan eil biadh ann cho math ri brochan

Ann an eilean beag Chirceboist agus na fir a’ treabhadh leis na h-eich gu anmoch, b’e an suipear gach oidhche truinnsear mòr de bhrochan agus dà ubh tunnaig.

Tha iomadh seòrsa ri fhaighinn air feadh an t-saoghail, ach chan eil ann nas fheàrr na brochan air a bhruich le min-choirce bho shìol a chaidh àrach air talamh tais na Gaidhealtachd.

Ann an Drochaid Charra tha Farpais na Cruinne air a cumail gach bliadhna air son deanamh brochan. Bidh feadhainn a’ tighinn ás gach ceàrn a dh’amharc agus a chòcaireachd, agus tha sin a’ cur gu mòr ri econamaidh na sgìre.

Hide Ad

Stèidhichte air an fharpais tha prògram glè inntinneach air a bhith air BBC Alba a tha ag innse gu bheil feum air uisge, min choirce agus salann son brochan. Tha diofar sheòrsachan mine ann, mar ‘mìn’, ‘àbhaisteach’ agus ‘garbh’, agus faodar salann na mara a chleachdadh.

Thuirt Tònaidh Kearney gu bheil brochan math air son a bhodhaig oir tha e làn de mhaitheas. Agus chunnaic Dòmhnall Seathach bho Chapercaillie am feum a tha seòrsa eile de bhrochan a’ deanamh ann am Malawi nuair a thug e taic do Mary’s Meals.

Ann an 1755 sgrìobh Samuel Johnson gum biodh iad, ann an Sasann, a’ toirt coirce do na h-eich ach ann an Alba do na fir. Chunnaic Lachaidh MacIllìosa mar a bhiodh iad ann an Glaschu a’ dòrtadh brochan ann an drabhair aig an deireadh sheachdain agus a’ gabhail slios dheth gach madainn.

B’e John Boa á Dùn Èideann (ceannard sgoile ann am Port Rìgh, seinneadair aig na Mòdan) a bhuinig Farpais na Cruinne. An
uair sin sheinn e ‘Brochan lom . . .’